Dh’fhàg sinn Inbhir Nis aig 7:45m air Dimàirt 8mh den t-Samhain air plèana gu Steòrnabhagh le athair Dòmhnall Lachlann agus athair Keir. ‘S e a’ chiad moladh ‘Bhiodh beatha sgoilearan tòrr nas fhèarr as aonais na meadhannan sòisealta.’ Bha sinn an aghaidh sgioba Inbhir Nis A aig 1f. Fhuair sinn air adhart gu math leis a chiad deasbad agus mar sin bha sinn misneachail mu ‘n darna deasbad.
Fhuair sinn cothrom a bhith ag èisteachd ris an sgioba a bha sinn an aghaidh air an darna latha. Fhuair sinn molaidhean bho na britheamhan gus obrachadh mar sgioba anns an deasbad fhèin agus sin de rinn sinn anns an darna deasbad.
An ath latha, ‘s e a mholadh, “Tha na dh’ionnsaicheas tu air taobh a-muigh na sgoile nas fheumaile na foghlam san rùm sgoile.” Rinn sinn na b’ fhèarr san darna deasbaid an aghaidh Sgoil an Tairbeirt oir bha barrachd eòlas againn air dè bha na britheamhan a’ coimhead airson. Fhuair sinn na 41 puingean a-mach a seasgad agus fhuair sinn an ochdamh àite a-mach a fichead.
Dh’ionnsaich sinn gus obrachadh ann an sgioba, ciamar a dheanas sinn deasbad foirmeil agus a bhith tapaidh nuair a bhios sinn a bruidhinn air beulaibh diofar dhaoine. Thill sinn air an Diardaoin, sgith, toilichte agus tursach gun robh feum againn a tilleadh gu sgoil. Bha Keir glè leisg agus sgith, mar sin chaidh e dhachaigh as deidh dha tilleadh bho Steornabhagh, ach chaidh Dòmhnall Lachlann dhan sgoil oir bha e ag iarraidh a bhidh an sas le Fiolm G! Bha a h-uile daoine glè pròiseil anainn.
English Summary:
On the 8th-10th of November, Keir and Domhnall Lachlann went to Stornoway to compete in a Gaelic Debating contest with 19 other teams. We did well against Inverness A in our first debate and arguably did better in our next one against Tarbert B. In the end we ended up with 41 points out of 60 finishing eighth. We went home tired, relieved it was over and having learnt lots about debating.