Thoisich e uile ann an Steòrnabhagh airson a’ chiad agus an darna chuairt. Anns a’ chiad chuairt bha sinn a’ deasbad an aghaidh Àrdsgoil Àrd nam Murchan. Chòrd an ceasnachadh ris na britheamhan a bh’ againn air sgath’ s gun robh e gu math beòthail. Fhuair sinn na chomharraidhean bhon latha ud agus bha sinn ‘san treasamh àite le 22 puingean. An ath latha bha sinn an aghaidh Àrdsgoil Sheumais Gillespie B. A-rithist fhuair sinn 22 puingean agus bha gu leòr puingean againn airson a’ dol troimhe don Chuairt Dheireannach ann an Dùn Èideann.
Bha 3 seachdain againn airson rannsachadh a dhèanamh mus rachadh sinn gu Dùn Èideann. Fhuair sinn a-mach gun robh sinn an aghaidh Àrdsgoil Àrd nam Murchan a-rithist. Bha sinn toilichte mu dheidhinn seo oir choinnich sinn riutha ann an Steòrnabhagh mar tha ‘s mar sin bha sinn gu math eòlach oirre agus tha sinn a-nis nar deagh charaidean. Air Dimàirt 24mh den t-Samhain, thoisich na deasbadan. Bha sinn an darna deasbad den latha air as-deigh an deasbad leis an dà sgioba à Sgoil MhicNeacail. Chòrd an deasbad rinn gu mòr air sgàth’ s gun robh e cho sradaigeach. Thuirt na britheamhan gun robh dìreach leth phuing eadarainn ach chaidh Àrdsgoil Àrd nam Murchan troimhe. An ath latha bha pàirt den deasbad againn air a chraoladh air BBC Radio nan Gaidheal.
At the beginning of November, we went to Stornoway to take part in the annual National Gaelic Debating competition. In our two debates, we scored enough points to get into the Final Round which was held in Edinburgh. It was a very close debate against Ardnamurchan again but they got the upper hand and went through to the final by half a point. Our debate was broadcast on BBC Radio nan Gaidheal.
Leanne Rothach 5A agus Iona Mercer 3A

Leanne agus Iona aig Pàrlamaid na h-Alba