Roinn na Gàidhlig
  • Dachaigh | Home
  • Naidheachdan | News
  • Goireasan | Resources
  • Adhartas | Progression
  • Fios thugainn | Contact

Duaisean Film-G | Film-G Awards

2/21/2016

0 Comments

 


Chuala sinn gun d’ fhuair sinn air an gear-liosta airson Riochdachadh As ’s Fheàrr a-mach à 54 sgoiltean, a chuir a-steach airson film G. Air an 19mh latha den Ghearran, Dihaoine, chaidh sinn sìos air bus gu Glaschu le sgoil Inbhir –Pheofharan. Nuair a ràinig sinn Glaschu chaidh sinn a dh’fhaicinn studio a’ BhBC agus bha sin gu math inntinnich. Fhuair sinn air faicinn càite a robh iad a’ filmeadh na naidheachdan agus far am bheil iad ag innse an aimsir agus de mar a chaidh an latha. Cuideachd chunnaic sinn càite a bheil iad a’ cur fuaim air filmichean. Nuair a chrìochnaich an cuairt choisich sinn gu taigh-bidhe Eadailteach airson ar biadh.
As dèidh sin, thug an bus sinn far an robh na duaisean a gu bhith. Nuair a fhuair sinn an sin chuir sinn aodach spaideil oirnn, fhuair sinn deoch agus chaidh sinn chun bhòrd againn ann an talla na duaisean. Dh’fhuirich sinn gus an do leugh iad a-mach cò bhuannaich anns an sreath againn. BHUANNAICH SINN. Bhuannaich sinn an duais againn a thug Donnie Mackay agus Linda MacLeod dhuinn agus fhuair sinn a dhol air cùlaibh an àrd ùrlair airson ar dealbhan a thogail. Bha sinn cho toilichte agus pròiseil gu h-àraidh air sgàth gun robh sinn a’ smaoineachadh nach robh sinn a’ dol a bhuannachadh. Chaidh sinn air ais air a’ bhus gu toilichte agus fhuair sinn air ais sàbhailte.

Gus ar Film fhaicinn nach tadhail siabh air: http://filmg.co.uk/en/films/1224/ 
 #filmg Clas S2 Gàidhlig



English summary:
On the 19th of February 2016 , the S2 Gaelic medium class went to Glasgow to the “FilmG” awards as we had made a film and entered a competition against other schools. We were against about 54 schools and we got in the top 5 for the best production. When we got to Glasgow we went for a tour around the BBC with the Gaelic students from Dingwall Academy. We all enjoyed it. We visited where they record the news and the weather, we got to use the weather board and sit in the chair where they film the news. They showed us areas around the building where people worked and what they do like where they make the editing for sound. We met Nina Matheson from Tain who is now the director of the programme Europa.  It was very interesting learning about the different jobs everyone does. At 7:30 pm the awards ceremony started and we couldn’t believe it when we won the award for Best Production! To see our Film visit: http://filmg.co.uk/en/films/1224/ 

0 Comments



Leave a Reply.

    Tasglann
    Archives

    November 2016
    October 2016
    June 2016
    February 2016
    November 2015
    October 2015
    September 2015
    June 2015
    March 2015
    February 2015

    RSS Feed

Powered by Create your own unique website with customizable templates.