Tha film ùr aig a’ chlas Gàidhlig leis an tiotal ‘Cleasan sa Chlas’. Bha an film air a chur a-steach gu an co-fharpais Film-G, ‘s e traidisean a th’ann an seo airson an clas Gàidhlig agus tha an sgoil air duais no dhà a bhuannachadh tharais air na bliadhnaichean. Sgrìobh an dàrna agus an treasamh bliadhna na sgriobt airson am film agus bha e air filmeadh sa sgoil le cuideachadh bho Debbie agus Alasdair bho Film-G. San fhilm, tha an clas a’ dèanamh tòrr cleasan air an tidsear ùr grod. San deireadh, tha an tidsear a’ tionndadh an aghaidh a’ chlas agus a’ dèanamh cleas air na sgoilearan agus a’ cur glaodh làidir air na caithreachan aca gus am biodh iad stùichte sa chlas!
0 Comments
Dh’fhàg sinn Inbhir Nis aig 7:45m air Dimàirt 8mh den t-Samhain air plèana gu Steòrnabhagh le athair Dòmhnall Lachlann agus athair Keir. ‘S e a’ chiad moladh ‘Bhiodh beatha sgoilearan tòrr nas fhèarr as aonais na meadhannan sòisealta.’ Bha sinn an aghaidh sgioba Inbhir Nis A aig 1f. Fhuair sinn air adhart gu math leis a chiad deasbad agus mar sin bha sinn misneachail mu ‘n darna deasbad.
Fhuair sinn cothrom a bhith ag èisteachd ris an sgioba a bha sinn an aghaidh air an darna latha. Fhuair sinn molaidhean bho na britheamhan gus obrachadh mar sgioba anns an deasbad fhèin agus sin de rinn sinn anns an darna deasbad. An ath latha, ‘s e a mholadh, “Tha na dh’ionnsaicheas tu air taobh a-muigh na sgoile nas fheumaile na foghlam san rùm sgoile.” Rinn sinn na b’ fhèarr san darna deasbaid an aghaidh Sgoil an Tairbeirt oir bha barrachd eòlas againn air dè bha na britheamhan a’ coimhead airson. Fhuair sinn na 41 puingean a-mach a seasgad agus fhuair sinn an ochdamh àite a-mach a fichead. Dh’ionnsaich sinn gus obrachadh ann an sgioba, ciamar a dheanas sinn deasbad foirmeil agus a bhith tapaidh nuair a bhios sinn a bruidhinn air beulaibh diofar dhaoine. Thill sinn air an Diardaoin, sgith, toilichte agus tursach gun robh feum againn a tilleadh gu sgoil. Bha Keir glè leisg agus sgith, mar sin chaidh e dhachaigh as deidh dha tilleadh bho Steornabhagh, ach chaidh Dòmhnall Lachlann dhan sgoil oir bha e ag iarraidh a bhidh an sas le Fiolm G! Bha a h-uile daoine glè pròiseil anainn. English Summary: On the 8th-10th of November, Keir and Domhnall Lachlann went to Stornoway to compete in a Gaelic Debating contest with 19 other teams. We did well against Inverness A in our first debate and arguably did better in our next one against Tarbert B. In the end we ended up with 41 points out of 60 finishing eighth. We went home tired, relieved it was over and having learnt lots about debating. Bha sinne a’ dèanamh dealbh-chluich ann an Gàidhlig airson fèis dràma aig Cùirt an Aodainn. Rinn sinn dealbh-chluich mu dheidhinn creutair a’ tighinn gu Alba airson an cù Boghard a lorg agus chuidich dithis chloinne e Boghard a lorg. Dh’ ionnsaich sinn tòrr sgilean nuair a bha sinn a’ dèanamh an dealbh-chluich. Bha tòrr loidhneachan againn ri chuimhneachadh air agus air an latha bha sinn ag ràdh a h-uile fear ceart. Cuideachd dh’ionnsaich sinn mu dheidhinn a’ sgrìobhadh sgriobt, a’ dèanamh props agus ag obair còmhla mar bhuidheann.
Fhads a bha sinn an sin bha sinn ag obair le Daibhaidh Walker agus Aonghas MacLeòid. A’ chiad chothrom a rinn sinn an dealbh-chluich rinn sinn tòrr rudan ceàrr ach dh’obraich sinn còmhla agus gu trang airson a h-uile rud fhaighinn ceart. Chuir iad maise-gnùis air Fionnlagh agus bha e uaine airson a bhith na chreutair bho na speuran! Bha sinn air ar dèanamh spaideil oir chuidich Siobhon sinn ar falt a dhèanamh. Mu dheireadh thall rinn sinn a h-uile rud ceart agus bha sinn gu math pròiseil. English Summary: We went to Eden court for two days of workshops after 6 weeks of practising a play that we had written ourselves. We learnt some new skills like script writing, working together, making props and memorising our lines. The first time we did the play we made some mistakes but the second time we performed it at Eden Court was perfect! Jessie Rothach, Seumas Rothach, Fionnlagh MacRath agus Alice NicNeacail AS2 'S math rinn Na Balaich Gorma Luke MacAmhlaigh, Dòmhnall Lachlan Peutan agus Keir Moireastan a bhunnaich aig a' Mhòd airson an darna uair an aghaidh a chèile.
|